
Thèid Fèis Chiùil Thiridh a chumail gu tur a-muigh am-bliadhna ri linn nach tèid aig a' chompanaidh a bha dol a chur suas an teanta mòr aca air an obair a choileanadh.
Thuirt an fheadhainn a tha a' ruith na fèise gun d' fhuair iad fios madainn an-dè nach deadh aig a' chompanaidh air an obair a dhèanamh ri linn dìth luchd-obrach sònraichte.
Dh'innis iad gur e briseadh dùil mòr a bh' ann an seo ach gun deach aca air stèids eile fhaighinn air iasad bho Nevis Range sa Ghearastan a cheadaicheas dhaibh an fhèis a chumail a' dol.
Thuirt iad nach biodh atharrachadh sam bith air clàr-ama na fèise no air an uair a bhiodh luchd-ciùil a' nochdadh air an àrd-ùrlar.
Leis nach bi fasgadh ann, ge-tà, dh'iarr iad air neach sam bith a bhios a' dol dhan fhèis a bhith mothachail air an aimsir agus aodach freagarrach a thoirt leotha.
Tha an fhèis a' tòiseachadh Dihaoine agus leanaidh e gu Didòmhnaich.
Bidh Newton Faulkner, Skerryvore agus Skippinish am measg an luchd-ciùil a nochdas.