Dragh mu dhùnadh bhancaichean

  • Air fhoillseachadh
Banca
Fo-thiotal an deilbh,

Dhùin Virgin Money am banca aca ann am Port Rìgh nas tràithe am-bliadhna.

Thàinig rabhadh bho Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster mun bhuaidh aig dùnadh bhancaichean air muinntir na dùthcha.

Dh'innis a' chomataidh gu bheil 53% de bhancaichean ann an Alba air dùnadh bho 2015, an ìre as àirde san Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt iad gur dòcha gum bi e doirbh do leth mhillean duine ann an Alba airgead pàipeir fhaighinn ri linn an t-suidheachaidh.

Dh'innis iad ged a tha mòran a-nise a' cleachdadh sheirbheisean air-loidhne, gu bheil cuid de sheann daoine gu h-àraid fhathast airson airgead pàipeir a chur gu feum.

Reachdas

Tha a' chomataidh ag ràdh nach eil taic gu leòr ann airson nan daoine sin.

Cuiridh Bile nam Margaidhean agus Seirbheisean Ionmhasail, a thig mu choinneamh Westminster am-bliadhna, dìon air cothroman dhaoine airgead pàipeir a thoirt a-mach.

Tha dragh air a' chomataidh ge-tà, gu bheil seo a' cur cabhag air bancaichean meuran ionadail a dhùnadh mus tig reachas ùr a-steach.

Thuirt iad cuideachd gum bu chòir reachdas a thoirt a-steach a chuireadh dìon air innealan airgid ATM a tha saor an-asgaidh a chleachdadh, is iad ag ràdh gu bheil seo gu sònraichte cudromach ann an sgìrean dùthchail.