Rabhadh às ùr mu Chovid anns na h-Eileanan

  • Air fhoillseachadh
Covid

Thàinig rabhadh às ùr bho NHS nan Eilean Siar gum bu chòir do dhaoine a bhith mothachail fhathast mu Chovid-19.

Thuirt àrd-stiùiriche a' bhùird gu bheil an saoghal a' gluasad air adhart ach gu bheil am bhìoras fhathast a' sgaoileadh is sreunaichean ùra a' nochdadh.

Dh'innis Gòrdan Jamieson gu bheil coltas ann gu bheil Covid nas bitheanta anns na h-Eileanan a-nise na bha glè thric tron phandemic, ach nach eil mòran dhaoine a' fàs gu math bochd.

Bha Mgr Jamieson a' bruidhinn is am bòrd air Uard Meidigeach 2 ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a dhùnadh gu euslaintich ùra is grunn chùisean de Chovid co-cheangailte ris an uard.

Tha an t-uard cuideachd dùinte ach do luchd-tadhail deatamach, a dh'fheumas an turas aca a chur air dòigh ro-làimh.

Dìon

Thuirt Mgr Jamieson gum feum an sluagh fhathast a bhith furachail mun bhìoras.

"'S e a' chomhairle a th' againn gum bi daoine mothachail air an t-suidheachadh timcheall orra is na daoine timcheall orra.

"Tha sinn a' faicinn shreunaichean ùra is tha e coltach gu bheil sreuna BA.5 a' sgaoileadh nas luaithe is nas fhasa na sreunaichean eile a bh' againn.

"Tha dùil gun tig sreunaichean eile fhathast, mar sin 's e dìreach gum beachdaich daoine air a' ghnothach is cò tha timcheall orra, is ciamar as urrainn dhaibh iad fhèin is an teaghlaichean a dhìon.

"Cho fad 's a tha daoine a' cuimhneachadh gu bheil a' chomhairle is stiùireadh ann air deagh adhbhar, 's urrainn dhuinn an cumail sàbhailte", thuirt e.

Dh'innis Mgr Jamieson gu bheil e doirbh dhan bhòrd Covid a chumail a-mach às na h-ospadalan aca, a dh'aindeoin gach ceum a tha iad a' gabhail.

Thuirt e gu bheil plana-gnìomh aca airson dèiligeadh ri cùisean ùra anns na h-ospadalan.

Banachdach

Is dh'innis e gu bheil barrachd chùisean anns na h-Eileanan na bha glè thric tron phandemic gu seo.

"Tha an-dràsta an-còmhnaidh eadar triùir is deichnear san uard againn a tha a' dèiligeadh ri Covid", thuirt e.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil am bhìoras nas bitheanta na bha aig amannan eile tron phandemic. 'S e dùbhlan a tha sin dhuinn na seirbheisean againn a chumail a' dol.

"'S e an deagh naidheachd ge-tà, nach eil sinn a' faiceann ìrean àrda de dhaoine a tha a' fàs gu math bochd leis a' bhìoras mar a bha tràth sa phandemic.

"Tha seo a' sealltainn gu bheil iomairt na banachdaich - a bha gu math soirbheachail an seo - air feum mòr a dhèanamh", thuirt e.