
Bidh pàirt de rathad an A830 eadar an Gearasdan is Malaig dùinte tron oidhche Dimàirt ach an tèid aig luchd-einnsinniridh sgrùdadh a dhèanamh air drochaid rèile faisg air Gleann Fhionnainn.
Bidh an rathad dùinte bho 10.00 oidhche Mhàirt gu 06.00m Diciadain eadar Gleann Fhionnainn agus ceann-rathaid an A861 aig Druim na Saille - astar do cheithir mìle.
Dh'innis Network Rail gun leig seo leis an luchd-einnsinniridh sgrùdadh a dhèanamh air Drochaid Graigieg, sear air Stèisean Ghleann Fhionnainn.
Thuirt iad gu bheil iad air aonta a ruighinn le Bear Scotland càraichean a leigeil troimhe gach cairteal na h-uaireach.