Dragh mu sheirbheisean-còmhdhail

  • Air fhoillseachadh
Port-adhair Inbhir Nis

Thuirt ceannardan gnothachais gu bheil turasachd is gnothachasan ann an ceann a tuath na h-Alba a' fulang ri linn mì-chinnt mu sheirbheisean còmhdhail.

Thàinig buille ùr is seirbheisean-adhair eadar Inbhir Nis is Béal Feirste air an tarraing.

Bha draghan air a bhith ann mar-thà mun bhuaidh aig stailcean rèile is troimhe-chèile le seirbheisean bhusaichean.

Bha Flybe air innse roimhe gun robh an t-slighe eadar Inbhir Nis is Béal Feirste gus tòiseachadh as t-samhradh mar phàirt de leudachadh anns na seirbheisean aca.

Thuirt iad ge-tà, gu bheil gainnead phlèanaichean a' ciallachadh gum feum iad na planaichean aca atharrachadh is a h-uile seirbheis a bha gu bhith ann eadar Inbhir Nis is Béal Feirste a tharraing.

Cinnt

Tha sin na adhbhar dhragh do cheannardan gnothachais.

Thuirt àrd-stiùiriche Sheòmraichean Malairt Mhoireibh, Sarah Medcraf, gur e buille eile a tha seo nuair a tha seirbheisean còmhdail mar-thà ann an staing.

"Eadar stailcean rèile is gainnead luchd-obrach, agus a-nise gainnead phlèanaichean - tha tòrr a' dol is tha daoine a' cur air dòigh thursan gun chinnt sam bith gun tèid iad air adhart.

"'S e fìor dhroch shuidheachadh a tha sin dhuinn sa cheann a tuath, an dà chuid do ghnothachasan agus do thurasachd.

"Chan eil na ceanglaichean againn math gu leòr co-dhiù, is feumaidh cinnt a bhith againn mu na seirbheisean a th' ann", thuirt i.

Thuirt Flybe gu bheil iad an dùil seirbheis eadar Inbhir Nis is Béal Feirste a stèidheachadh uaireigin san àm ri teachd.