Ceann là a' Mhòid a' teannadh dlùth

  • Air fhoillseachadh
Mòd

Tha gu Dihaoine aig daoine a dh'iarradh a bhith ri farpais aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt am-bliadhna cur a-steach air a shon.

Bidh Mòd 2022 a' dol air adhart eadar an 14mh agus an 22mh den Dàmhair.

'S e a' chiad Mhòd slàn a bhios ann bho Mhòd Ghlaschu ann an 2019.

Feumar clàradh air-loidhne airson a h-uile farpais.

Tha an Comunn Gàidhealach air a bhith a' sgaoileadh barrachd fiosrachaidh mu na rudan ùra a tha sa phrògram, nam measg 'Cogadh nan Còmhlan'.

Gheibh an fheadhainn a shoirbhicheas an sin cothrom clàradh a dhèanamh ann an stiùideo.

Àireamhan

Tha farpais ùr TikTok ann is tha an Comunn cuideachd air crathadh a thoirt air na farpaisean còmhraidh do dh'òigridh, is iad ag amas air clann a bhrosnachadh le còmhradh nàdarrach sa Ghàidhlig.

A thuilleadh air sin, bidh na farpaisean àbhaisteach a' tilleadh is an Comunn dòchasach gum bi tòrr fharpaiseach ann.

"'B ann aig Mòd Ghlaschu a bha an àireamh a bu mhotha de dh'fharpaisich a bh' ann a-riamh", dh'innis àrd-oifigear a' Chomuinn, Seumas Greumach.

"Tha tòrr air tachairt san t-saoghal bhon uairsin, mar sin chanainn gum feum sinn dìreach feitheamh feuch cò ris a bhios an àireamh de dh'fharpaisich coltach.

"Mar as trice 's ann san t-seachdain mu dheireadh a thig an àireamh de dh'iarrtasan as motha a-steach is tha iad air a bhith a' taomadh a-steach anns na beagan làithean mu dheireadh", thuirt e.

Gheibhear liosta slàn de na farpaisean aig Mòd Pheairt an seo, taobh a-muigh.

Faodar clàradh an seo, taobh a-muigh.