
Tha seann cheannard Comhairle na Gàidhealtachd a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba sgeama Sàr-Sponsor airson fhògarrach Ucràinianach a stèidheachadh às ùr cho luath 's a ghabhas.
Chaidh cur às dhan sgeama rè ùine airson co-dhiù trì mìosan, agus dragh ann nach eil àiteachan-fuirich gu leòr ann a tha freagarrach.
Ghabh Alba còrr air 7,000 Ucràinianach thuige seo, 's tha barrachd a' feitheamh air comraich.
Dh'fhàg Mairead NicDhàibhidh Comhairle na Gàidhealtachd ron taghadh ionadail am-bliadhna.
Tha i air bruidhinn ron seo mun dòigh 's a thug cogadh buaidh air a teaghlach fhèin is iad a' fuireach anns na h-Eileanan Faclanach nuair a chaidh feachdan Argentina an sàs ann an 1982.
Thuirt i gu bheil e deatamach gum fosgail an sgeama às ùr san aithghearrachd.
Taic
"'S e suidheachadh a tha seo a tha a' gluasad fad na h-ùine ach 's e muinntir na h-Ùcrain an rud as cudromaiche.
"Chaidh an saoghal aca a chur bun os cionn is chan eil iad ag iarraidh an-dràsta ach a bhith sàbhailte.
"Tha fios agam fhìn cho doirbh 's a tha e oir chan eil tòrr thaighean aig ùghdarrasan ionadail.
"Chan eil e sìmplidh ach feumaidh an Riaghaltas còmhraidhean a chumail a' dol agus taic a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail.
"Feumaidh iad glusad cho luath 's a ghabhas", thuirt i.
Dh'innis am ministear le uallach airson fhògarrach Ucràinianach, Neil Gray, gur e "co-dhùnadh duilich" a bh' ann an sgeama a stad rè ùine.
Thuirt e gu bheil an àireamh de dh'Ucràinianach a tha a' sireadh comraich ann an Alba air a dhol suas gu mòr anns na seachdainnean mu dheireadh, is mar sin gu bheil an Riaghaltas air an sgeama a dhùnadh gu h-eadar-amail gus taic is cùram a chumail ris an fheadhainn a fhuair bhìosa mar-thà.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 Am Màrt 2022
