
Ghluais barrachd dhaoine a-mach à bailtean mòra na h-Alba gu sgìrean dùthchail tron phandemic.
Thàinig ìsleachadh air an àireimh dhaoine a bha a' fuireach sna bailtean as motha an Alba, le sgìrean dùthchail air àrdachadh fhaicinn airson a' chiad uair ann am bliadhnaichean.
Sheall figearan ùra bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba (NRS) gur dòcha gun tug am pandemic air daoine a dhol an aghaidh an t-srutha a bh' ann le feadhainn a' gluasad bho sgìrean dùthchail gu bailtean mòra.
Chaidh grunn adhbharan a thoirt seachad airson nan atharrachaidhean. Nam measg, thuirt an NRS gun robh oileanaich air gluasad dhachaigh rè ùine agus roghnaich cuid eile an cùl a chur ri bailtean mòra san ùine fhada.
Bha feadhainn eile ann a dh' atharraich na seòlaidhean aca len dotair-teaghlaich gus litrichean mu bhanachdaich Covid-19 fhaighinn.
Tuiteam
Sa chumantas, ghluais daoine bho Ghlaschu, Dùn Èideann agus Obar Dheathainn gu sgìrean comhairle eile fasig air làimh.
'S ann ann an sgìrean comhairle mu thimcheall Dùn Èideann a chunnacas an t-àrdachadh as motha.
Ann an sgìrean dùthchail leithid Siorrachd Obar Dheathain agus Earra-Ghàidheal is Bòd, thàinig àrdachadh air an àireamh dhaoine a ghluais ann. Thuige seo bha àireamh-sluaigh nan sgìrean ud air a bhith a' tuiteam.
'Innsidh aithisgean san àm ri teachd dhuinn an cùm na sgìrean far an do ghluais daoine orra a bhith a' faicinn àrdachadh san àireamh-sluaigh", thuirt Esther Roughsedge bhon NRS.'
Sheall an aithisg, taobh a-muigh gun robh àireamh-sluaigh na h-Alba aig 5,479,900 ann am meadhan 2021.