Fèis Cheilteach Innse Gall

Chaidh Fèis Cheilteach Innse Gall a chur air chois ann an Steòrnabhagh Diciadain, 's iad a' comharrachadh 25 bliadhna bhon a chaidh a stèidheachadh.

Seo a' chiad uair a chaidh an HebCelt a chumail bho 2019, agus Covid a' cur bacadh air cùisean an-uiridh agus a' bhòn-uiridh.