EDF gun teantaichean

  • Air fhoillseachadh
Fèis an Eilein Duirche

Dh'innis Fèis an Eilein Duirche nach bi teantaichean mòra aca am-bliadhna.

Thàinig seo is a' chompanaidh a bha gus teantaichean a chur air dòigh aig an fhèis ann am Beinn nam Fadhla air innse nach eil sgioba shònraichte aca airson na teantaichean a chur suas.

'S e seo an dearbh rud a thachair aig Fèis Chiùil Thiridh nas tràithe air a' mhìos.

Thuirt an EDF gur e briseadh-dùil mòr a bha seo is nach robh e comasach teantaichean eile a chur air dòigh, a dh'aindeoin gach oidhirp a rinn iad.

Aodach

Dhearbh iad ge-tà, gu bheil iad le taic bho Fèis Chiùil Thiridh is Nevis Range air àrd-ùrlar fhaighinn a leigeas leotha fèis a bhith aca, ged a bhios a h-uile dad a-muigh ach a-mhàin an Kidzone.

Tha clàr-ama na fèise fhathast mar a bha.

Dh'iarr an fhèis air daoine aodach freagarrach a thoirt leotha leis nach bi teantaichean a-nise aca.

Bidh an fhèis ann eadar an 21mh is an 23mh den mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo