Iomairt ùr an aghaidh eucoir air an tuath

  • Air fhoillseachadh
Iomairt CrimestoppersTùs an deilbh, James Chapelard
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Poileas Alba is Network Rail ag obair le Crimestoppers leis an iomairt ùir.

Chuir a' bhuidheann Crimestoppers iomairt ùr air dòigh an aghaidh eucoir ann an sgìrean dùthchail.

Tha Crimestoppers fa leth bho na Poilis is faodaidh daoine fios a chur orra gun an ainm a thoirt seachad.

Ged a bha gu leòr de sgìrean dùthchail glè thrang le luchd-tadhail tron dà shamhradh mu dheireadh, thuirt Crimestoppers gu bheil àireamhan luchd-turais a' togail a-rithist às dèidh a' phandemic is gum bi barrachd dhaoine a' tadhal air an tuath.

Thuirt iad le sin gu bheil cunnart gun tèid eucoir an-àirde.

Tha NFU na h-Alba ag ràdh gu bheil eucoir ann an sgìrean dùthchail a' cosg £1.8m gach bliadhna is gu bheil e a' dol suas.

Amharasach

Am measg na th' air a bhith a' tachairt tha briseadh a-steach gu taighean, mèirle uidheamachd tuathanais is connaidh, ionnsaighean air stoc, a' dumpadh sgudail gu mì-laghail, is eucoir fiadh-bheatha.

Tha Crimestoppers is Poileas Alba ag iarraidh air daoine fios a chur thuca ma chì iad dad a tha amharasach.

Thèid postairean a chur suas cho math ri fiosrachadh air na meadhanan-sòisealta.

Bidh Network Rail a' cur taic ris an iomairt cuideachd is iad ag ràdh gu bheil iad a' sgaoileadh fiosrachaidh gu luchd-obrach is luchd-siubhail a bhith mothachail ma chì iad sìon.

Faodar fios a chur air Crimestoppers an seo, taobh a-muigh no le a bhith a' fònadh gu 0800 555 111.