Naidheachdan 11:00m

Na Tòraidhean

Tha an còignear a tha air fhàgail anns an fharpais airson ceannas a' Phàrtaidh Thòraidhich ag ullachadh airson deasbaid beò air an telebhisean air Channel 4 a-nochd. Tha an t-Àrd-Neach-Tagraidh, Suella Braverman, a thuit a-mach às an rèis an-dè, a' cur a taic a-niste ri Rùnaire nan Cùisean Cèin, Liz Truss, a bha san treas àite sa bhòt an-dè. Bha an t-seann Sheansalair, Rishi Sunak, sa chiad àite, agus Ministear na Malairt, Penny Mordaunt, san dàrna àite.

Stailcean Rèile

Tha dùil ri tuilleadh troimhe-chèile air an rèile 's an t-aonadh RMT a' gairm stailcean eile airson dà là air an ath-mhìos - Diardaoin an 18mh là 's Disathairne am 20mh là den Lùnastal. Tha sin a bharrachd air stailc eile a chuir iad air dòigh mar thà air an 27mh là den mhìos seo.

An Ruis

Tha an t-Aonadh Eòrpach ag ullachadh tuilleadh chasg-bhannan air an Ruis, ag amas an turas seo air òr, stuthan ceimigeach agus innleachd. Thuirt Leas-Cheannard a' Choimisein Eòrpaich, Maros Sefcovic, gun dùin an EU slighe a tha fosgailte fhathast do stuth às an Ruis. Stèidhich an Rìoghachd Aonaichte casg air òr às an Ruis sa Mhàrt am-bliadhna.

Uchd-mhachdach

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte leisgeul a thabhainn air na mìltean mhàthraichean air an deach cuideam clann a chur gu uchd-mhacachd. Thòisich rannsachadh an dèidh sreath aithrisean a rinn am BBC air a' chùis. Tha an rannsachadh ag ràdh gun tàinig air 185,000 boireannach leanabh a thoirt seachad sna 50an, 60an agus na 70an. Thuirt ministearan an Riaghaltais gu bheil iad a' beachdachadh air an aithisg.

Aiseagan

Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gum faodadh suidheachadh nam bàtaichean-aiseig fàs nas miosa mus fhàs e nas fheàrr. Bha an Comh. Ùisdean Robasdan a' bruidhinn an dèidh coinneimh ann an Steòrnabhagh an-dè le ceannardan Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, agus ged a thug e na h-uimhir de mhisneachd às, thuirt e gur aithne dha gum bi suas ri dà bhliadhna ann 's dòcha mus tig piseach air an t-suidheachadh.

Gàidhlig ann an Glaschu

Tha rannsachadh ùr do Chomhairle Baile Ghlaschu ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig a' cur faisg air £22m agus 700 dreuchd ri eaconomaidh a' bhaile a h-uile bliadhna. Tha a' mhòr-chuid dheth sin ann an trì roinnean - foghlam, na h-ealain agus aoigheachd. Tha co-chomhairle air plana leasachaidh Gàidhlig a' bhaile a' tighinn gu ceann seachdain bho an-diugh, an 22na là den mhìos.