Naidheachdan 11:00m

Teas

Tha rabhadh ann air cunnart do bheatha 's troimhe-chèile le coltas gum faodadh an teas èirigh gu còrr is 40C ann am pàirtean de cheann a deas Shasainn an-diugh. Chaidh iarraidh air daoine fuireach a-staigh agus goireasan siubhail poblach a sheachnadh. 'S e Rabhadh Òmar a th' ann do cheann a deas na h-Alba, meadhan na dùthcha agus pàirtean den chosta an ear far am faodadh i a bhith cho blàth ri 30%.

Na Tòraidhean

Thèid na tagraichean airson ceannas nan Tòraidhean a ghearradh bho chòignear gu ceathrar nuair a bhios an treas bhòt ann feasgar. Ghabh iad pàirt an-raoir san dàrna deasbad air an telebhisean far an do chàin iad poileasaidhean agus eachdraidh a chèile.

Rwanda

Thuirt Comataidh nan Cùisean Cèin nach eil dearbhadh sam bith ann gu bheil aonta comraich Riaghaltas na Rìoghachd le Rwanda a' dol a chur stad air in-imrichean ann am bàtaichean beaga ann an Caolas Shasainn. Thuirt a' chomataidh thar-phàrtaidh nach eil coltas ann gun soirbhich an sgeama mar a tha an Riaghaltas an dùil. Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil am plana a' dèanamh cobhair air an fheadhainn as fheumaiche.

Ospadal nan Eilean

Tha uàrd lannsaireachd Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh dùinte do dhaoine às ùr agus dragh ann mun ìre aig a bheil cùisean Covid ag èirigh. Thuirt NHS nan Eilean Siar nach eil ceadaichte an sin ach tadhal ann an èiginn leis na tha de chùisean den bhìoras ceangailte ris an uàrd.

Tubaist Caidheig

Chaochail fireannach a bh' ann an caidheag air Abhainn Spè an-dè. Fhuair na seirbheisean èiginn fios goirid ro 5:00f gun robh fear ann an trioblaid anns an uisge faisg air Fachabair. Chaidh dearbhadh gun robh an duine, a bha 51 bliadhna de dh'aois, marbh goirid an dèidh a thoirt às an uisge. Thuirt poilis gu bheil iad a' rannsachadh na cùise.