
Chaill fireannach a bheatha às dèidh tubaist rathaid air an A82.
Thachair an tubaist eadar càr MG is motar-baidhseagal Ducati goirid às dèidh meadhan-là Dimàirt faisg air Inbhir Mhoireastain.
Chaochail fireannach, aois 51, a bha a' siubhal air a' mhotar-baidhseagal, aig làrach na tubaiste.
Cha deach duine eile a leòn.
Bha an A82 dùinte fad timcheall air seachd uairean a thìde is na poilis a' rannsachadh.
Dh'fhosgail an rathad às ùr mu 7.00f oidhche Mhàirt.
Rinn na Poilis tagradh 'son fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist fhèin no na carbadan ro-làimh, no aig a bheil dealbhan dashcam.
Bu chòir fios a chur orra air 101 is àireamh 1362 19/07 a thoirt seachad.