
Thèid ochd aonadan ùra gnothachais a stèidheachadh aig Raon Gnothachais an Àth Leathainn san Eilean Sgitheanach.
Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gu bheil seo na phàirt de phlana th' aca gus aonadan ùra a stèidheachadh ann an sgìrean dùthchail.
Dh'innis iad gun deach an t-Àth Leathann a thaghadh mar a' chiad leasachadh air sgàth an iarrtais a th' ann san sgìre.
Tha HIE a-nise air pròiseas tairgse a chur air dòigh 'son na h-aonadan a thogail.
Fàs
Tha iad cuideachd an dùil an rathad gu Raon Gnothachais an Àth Leathainn a leasachadh gus làrach eile fhosgladh, a bhiodh cuideachd na phàirt den leasachadh ma gheibhear cead-dealbhachaidh.
Chaidh na h-aonadan a dhealbh leis a' chompanaidh Threesixty Architecture is pumpaichean teasa nan cois.
"Tha fios againn gu bheil iarrtas ann 'son aonadan coimeirsealta bho chompanaidhean ionadail a tha 'son fàs, air neo bho chompanaidhean bho sgìrean eile a tha 'son làrach a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach", thuirt Alastair MacNeacail bho HIE.
"Tha sinn air seo fhaicinn gach turas a tha aonad air a bhith ri fhaighinn san Àth Leathann", dh'innis e.
Thathas an dòchas gun tòisich obair ro dheireadh an t-Samhraidh, is gum bi na h-aonadan deiseil as t-Fhoghar 2023.