
Tha seirbheisean Rèile na h-Alba a-niste air tilleadh gu làn-chlàr-ama an dèidh ùine mhòir de bhuaireadh a chaidh adhbharachadh le eas-aonta pàighidh.
Bha buaidh mhòr air seirbheisean air Ghàidhealtachd nuair a thugadh clàr-ama sealadach a-steach sa Mhàrt an dèidh do dhràibhearan trèana diùltadh uairean a bharrachd obrachadh.
Tha an tilleadh gu clàr-ama àbhaisteach a' ciallachadh gum bi cha mhòr 700 seirbheis a bharrachd a' ruith gach là air feadh na h-Alba.
Mhothaich gu h-àraid daoine a bha a' siubhal air ais 's air adhart bhon Ghàidhealtachd na h-atharrachaidhean air amannan nan seirbheisean mu dheireadh den là.
A' falbh às a' Ghearasdan gu ruige Ghlaschu, tha sin air ciallachadh gum feumte an t-seirbheis mu dheireadh a ghlacadh dìreach an dèidh mheadhan là.
Bha an trèana mu dheireadh às Inbhir Nis gu ruige Inbhir Ùige a' fàgail aig 2:00f.
Tha an tilleadh gu clàr-ama àbhaisteach a' tighinn an dèidh aonta air pàigheadh agus cùmhnantan obrach leasaichte a ràinig dràibhearan trèana agus Rèile na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.
Tha Rèile na h-Alba ag ràdh gu bheil iad an dòchas tilleadh gu seirbheisean àbhaisteach, 's gum brosnaich iad daoine siubhal air an rèile airson gach cuid obair agus cur-seachadan, 's gun cuir luchd-tadhail agus gnothachasan air Ghàidhealtachd fàilte air an atharrachadh.
Ach tha stailc eile, an turas seo le Network Rail, air fàire Diciadain seo tighinn, 's tha dùil gun tèid na h-uimhir de sheirbheisean a chur dheth a-rithist.