
MV Pentalina
Tha am Pentalina a' frithealadh na seirbheis aiseig eadar Arcaibh is Gallaibh an àite an t-soithich àbhaistich.
Chaidh an soitheach The Alfred air na sgeirean aig Eilean Swona air 5mh den Iuchair.
Bha iomairt a' dol anns na h-Eileanan an Iar aig aon àm gus am Pentalina fhaighinn airson na seirbheisean aiseig an sin.
Bidh am Pentalina a' dol eadar Gills Bay ann an Gallaibh agus St Margaret's Hope ann an Arcaibh.
Chan eil e air a bhith comasach do Phentland Ferries na seirbheisean aca a ruith thar na beagan sheachdainean mu dheireadh an dèidh an tachartais leis a' bhàta aca nuair a chaidh a milleadh.
Tha The Alfred a-nise ann am Beul Feirte airson obair-càraidh.
Bha cuid air na meadhanan sòisealta a' dèanamh coimeas eadar cho luath 's a bha e do Phentland Ferries soitheach ùr a lorg airson na seirbheis aca an taca ri na trioblaidean a th' air a bhith aig coimhearsnachdan a' chosta an iar le a bhith a' faighinn shoithichean nuair a tha duilgheadasan ann le na h-aiseagan àbhaisteach aca.
Tha Northlink Ferries air a bhith a' tabhann sheirbheisean a bharrachd feasgar tarsainn air Linne Phentland o chaidh The Alfred a mhilleadh.