
Bidh co-labhairt an Steòrnabhagh aig deireadh an Lùnastail airson crìonadh na Gàidhlig anns na h-eileanan a dheasbad.
'S e "Freumachadh Poileasaidh Mion-chànan sa Choimhearsnachd" ainm na co-labhairt.
'S e a' bhuidheann rannsachaidh Soillse a chuir an gnothach air dòigh.
'S iadsan a dh'fhoillsich an leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community bho chionn dà bhliadhna air staing na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan - leabhar a tha air mòran deasbaid adhbharachadh.
Am measg na bhios a' bruidhinn aig a' cho-labhairt aig Taigh-òsta a' Chaladh bidh an t-Oll. François Grin (Oilthigh Geneva), Sìne NicLeòid (Tè-iomairt aig ìre na coimhearsnachd), Pàdruig Moireasdan (Fear-iomairt aig ìre na coimhearsnachd), Agnes Rennie (Urras Oighreachd Ghabhsainn), agus an Dr. Lowri Cunnington Wynn (Oilthigh Aberystwyth).
Tha Soillse ag ràdh gu bheil iad gu mòr ag iarraidh air a' choimhearsnachd a dhol an sàs sa cho-labhairt, is bidh e an-asgaidh do dhaoine às na sgìrean a bha nam pàirt de rannsachadh The Gaelic Crisis in the Vernacular Community.
Bu chòir clàradh ro-làimh an seo, taobh a-muigh.
Bidh a' cho-labhairt ann eadar an 29mh is an 31mh den Lùnastal.