
Dh'innis na poilis gun deach corp fireannaich a lorg air Tràigh Inbhir Narann madainn Diardaoin.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 07:30m Diardaoin.
Chaidh an corp a lorg faisg air Rathad Marine sa bhaile.
Thuirt na Poilis gu bheil rannsachadh a' leantainn feuch dè dìreach a thachair.