Naidheachdan 11:00m
Drogaichean
Tha ceannard Buidhne Ghnìomha Dhrogaichean na h-Alba ag iarraidh cruth-atharrachadh air goireasan taice. Thuirt Dàibhidh Strang gum bi bàs le mì-fheum dhrogaichean a' sìor èirigh gun smachd mura bi atharrachadh ann. Chuir Riaghaltas na h-Alba a' bhuidheann ghnìomha air bhonn bho chionn trì bliadhna agus tha 20 moladh anns an aithisg dheireannach a dh'fhoillsich iad an-diugh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air na h-uimhir de na molaidhean sin a chur an sàs mar thà.
Referendum
'S ann anns an Damhair a bhios èisteachd cùirte air a bheil cead aig Pàrlamaid na h-Alba referendum eile a ghairm air neo-eisimeileachd. Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh air britheamhan innse dhaibh am faod Holyrood bhòt a chumail gun chead Westminster. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh nach e seo an t-àm 's gum bu chòir a' chùis a thilgeil a-mach gun riaghladh taobh seach taobh. Thuirt a' Phrìomh Chùirt gum bi an èisteachd ann an Lunnainn air an 11mh là agus an 12na là den Dàmhair.
Na Tòraidhean
Tha Rùnaire nan Cùisean Cèin, Liz Truss, a' cumail a-mach gun tigeadh an atmhorachd a-nuas le gearradh chìsean a chuireadh i an sàs na b' ise an ath Phrìomhaire. Tha luchd-taic Rishi Sunak, a tha a' seasamh na h-aghaidh airson ceannas nan Tòraidhean ag ràdh gum biodh cosgaisean bith-beò nas motha buileach le gearradh chìsean. Bidh poileasaidh eaconamach fìor chudromach san deasbad agus an dithis thagraichean a' sireadh taice bho bhallrachd a' phàrtaidh, a bhios a' taghadh cheannaird ùir an àite Bhoris Johnson.
Riadh
Chuir leum na h-atmhorachd an riadh air fiachan an Riaghaltais suas gu £19.4bn air a' mhìos a chaidh. Sin an ìre as motha bho thòisich clàradh ann an 1997. Sheall na figearan oifigeil gun do ghabh an Riaghaltas mìr beag nas lugha na £23bn air iasad san Ògmhios, agus tha sin còrr is £1bn nas motha na bh' ann air an aon mhìos an-uiridh.
Cosgaisean Bith-beò
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dèanamh co-obrachaidh airson taic a thoirt do theaghlaichean le cosgaisean bith-beò air saor-làithean an t-Samhraidh. Bidh mar eisimpleir cafaidhean anns na bùthainnean mòra a' tabhann biadh an-asgaidh, no nas saoire, air cloinn, agus bidh ticeadan an-àsgaidh ann do dh'àiteachan is cur-seachadan eile.
An Ruis
Tha an Ruis a' cur gas dhan Roinn Eòrpa a-rithist tro phìob NordStream1, ach aig an ìre as lugha a bh' ann mus do dhùin a' phìob bho chionn deich là airson a càradh. Bha dragh ann nach fhosgladh Mosgo a' phìob a-rithist.
Sri Lanka
Ghabh Ceann-suidhe ùr Sri Lanka, Ranil Wikremesinghe, a bhòidean ann an Colombo. Dh'fhàg Gotabaya Rajapaksa a bh' ann roimhe an dreuchd agus theich e a-null thairis an dèidh mhìosan de dh'àimhreit mu èiginn eaconomach na dùthcha. Ach tha dragh air mòran ann an Sri Lanka gun cuir an Ceann-suidhe ùr riaghailtean nas cruaidhe orra.