
'S e an-diugh an là-obrach mu dheireadh aig fear a choisinn cliù agus dreuchd aig fìor àrd-ìre ann an saoghal lagha na h-Alba agus ann am Breatainn, am Morair MacAoidh Chlais Feàrna.
Tha e a' leigeil dheth a dhreuchd aig aois 95.
Bha am Morair MacAoidh bliadhnaichean na Mhorair Tagraidh agus an uairsin na Àrd-sheansalair ann an Riaghaltas Mhairead Thatcher agus Iain Major anns na '80an is '90an.
An-diugh tha e a' seasamh sìos bho bhith na bhall Tòraidheach ann an Taigh nam Morairean.
Creideamh
Fhuair e steach gu Roinn nan Tagraichean ann an 1955, agus fhuair e dreuchd Neach-tagraidh na Bànrighe ann an 1965.
Bha e ag obair mar Àrd-Shiorram airson sgìre Rinn Friù agus Earra-Ghàidheal bho 1972 - 1974, na Iar-Deadhan de Roinn nan Tagraichean bho 1973 - 1976 agus a' gluasad gu bhith na Dheadhan bho 1976 - 1979.
'S ann ann an 1997 a chaidh a dhèanamh na Mhorair agus fhuair e dreuchd mar Mhorair Tagraidh aig an àm sin.
Chaidh e an sàs ann an Cùirt an t-Seisein ann an 1984, agus bha e na Àrd-Sheansalair airson deich bliadhna bho 1987.
Tha an creideamh Crìosdail na phàirt chudromach de a bheatha.
Chaidh a thogail anns an Eaglais Shaoir Chlèirich agus bha e na èildear san eaglais sin.
Ach dh'adhbhraich e connspaid nuair a chaidh e gu dà aifreann tòrraidh airson dithis Chaitligeach air an robh e eòlach.
Chaidh a bhallrachd san eaglais a thoirt bhuaithe rè-ùine, ach a rèir a' Mhorair MhicAoidh, cha do bhris e riaghailtean na h-eaglaise ann a bhith a' cur taic ri teagaisg Chaitligich.
Thuirt esan gun robh e dìreach airson urram a shealltainn do dhithis cho-obraichean.
Ged a chaidh iarraidh air gun a dhol gu tòrradh Chatligeach sam bith eile, thuirt esan nach toireadh e an gealladh sin dhaibh, agus dh'fhàg e an eaglais.
Irisleachd
Tha am Morair Mhinginis, Ruairidh Iain MacLeòid, air a bhith eòlach air a' Mhorair MacAoidh fad bhliadhnaichean 's thuirt esan gur e duine le comasan anabarach a th' ann.
"Tha inntinn làidir, geur le comasan a bhith ag obair air an ìre as àirde ann an dreuchd sam bith channain-sa, ach gu h-àraid anns an lagh.
"Agus 's e an rud eile, irisleachd... tha e a' dèiligeadh ris a h-uile duine, àrd no ìosal, anns an aon dòigh.
"Feumar cuimhneachadh, ged a sguir e a bhith na Àrd-Sheansalair bho chionn 25 bliadhna, tha e fhathast air a bhith trang trang ann an Taigh nam Morairean.
"Bha mi a' leughadh nan rudan a thuirt na Morairean eile mu dheidhinn às dèidh dha an òraid mu dheireadh aige a thoirt seachad, agus a h-uile duine aca ga mholadh airson an dà rud a tha sin - a chomasan agus irisleachd. Ga mholadh mar dhuine seach rud sam bith eile", thuirt e.