
An Dr Claire Nance ag obair
Tha bhideothan os-fhuaimneach ùra a' sealltainn cruth theangannan dhaoine nuair a tha iad a' bruidhinn sa Ghàidhlig.
Chleachd luchd-rannsachaidh air an stiùireadh le Oilthigh Lancaster teicneòlas os-fhuaimneach airson bhideothan a thogail de dhaoine fhad 's a bha iad a' labhairt facail Ghàidhlig is Bheurla.
Tha na h-ìomhaighean a' toirt dhuinn sealladh ùr air mar a tha teangannan fhileantach ag obrachadh airson cuid de chonsain fhuaimneachadh.
Gheibh am poball cothrom na bhideothan fhaicinn agus a chluinntinn air làraich-lìn ùir air a bheil 'Teangannan na Gàidhlig'.
Consain
Bha ùidh shònraichte aig an sgioba rannsachaidh air mar a tha fileantaich a' fuaimneachadh 'l', 'n' agus 'r' leis gu bheil trì fuaimean fa leth airson gach consain sa Ghàidhlig.
Thog iad bhideothan os-fhuaimneach cuideachd airson coimeas a dhèanamh eadar mar a bha teangannan nam fileantach a' gluasad nuair a bha iad a' fuaimneachadh 'l' agus 'r' sa Bheurla.
Tha an rannsachadh a' sealltainn mar a tha luchd-labhairt a' gluasad an teangannan air ais agus air adhart airson na fuaimean eadar-dhealaichte a dhèanamh.
Bhideothan
'S i an Dotair Claire Nance bho Oilthigh Lancaster a bha os coinn a' phròiseict ann an co-bhuinn le Sam Kirkham, cuideachd bho Oilthigh Lancaster.
"Anns a' Bheurla tha aon "l" agus aon "n" agus aon "r", agus bha sinn a' smaoineachadh uill 's dòcha gum bi daoine ann an Gàidhlig a' dèanamh taghaidh airson aon "l Gàidhlig" a chleachdadh anns a' Bheurla," thuirt an Dr Nance.
"Ach cha robh iad a' dèanamh sin.
"Bha iad a' dèanamh "l" eadar-dhealaichte anns a' Bheurla, so tha eadar-dhealachadh mòr eadar na gluasadan Gàidhlig agus na gluasadan Beurla.
"Nuair a tha sinn a' dèanamh rannsachaidh bidh sinn a' coimhead ris an teanga, agus cha robh duine sam bith a' dèanamh rannsachaidh mar sin anns a' Ghàidhlig, uill glè bheag.
"Cha robh fios againn ciamar a bhios daoine a' dèanamh nam fuaimean sin.
"Cuideachd bha cothrom againn bhideothan a chur air an làraich-lìn.
"Bha sinn a' faicinn ciamar a tha an teanga a' dèanamh ghluasadan eadar-dhealaichte airson fuaimean mar "leabhar" agus "leabaidh", agus fuaimean mar "càl". Tha e glè eadar-dhealaichte.
"Tha sinn an dòchas gu bheil seo feumail airson teagaisg, agus luchd-ionnsachaidh.
"Bidh a h-uile duine a' faicinn na teanga, agus às dèidh sin tha sinn an dòchas gu bheil iad a' faicinn 'uill 's dòcha gun cuir mi an teaga beagan mar sin, no beagan mar seo', agus cluinntinn cuideachd," thuirt i.
Chìthear na bhideothan air an làraich-lìn Seeing Speech, taobh a-muigh.