
Tha Greenpeace air iomart laghail a thòiseachadh mu cho-dhùnadh raon ola mòr a cheadachadh sa Chuan a Tuath.
Tha a' bhuidheann ag ràdh nach tug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte feart dha na h-eimiseinean a dheadh a sgaoileadh tro losgadh a' ghas nuair a thug iad cead do raon Jackdaw, 150 mìle an ear air Obar Dheathain.
Thuirt riaghaladairean san Ògmhìos gum faodadh Shell raon Jackdaw a leasachadh, is iad ag ràdh gun tionnal e gas a chumadh teas ri mu 1.5m dachaigh.
Ach thuirt Greenpeace gur e sgainneal a bh' anns a' cho-dhùnadh, aig àm nuair a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a chur rompha ann an lagh gun toir iad lùghdachadh air gasaichean càrboin.
Thèid a' chùis air beulaibh na cùirte ann an Alba, far an do dh'fhàillig Greenpeace an-uiridh ann an cùis lagh coltach ri seo mu raon-ola Vorlich le BP.
Thuirt an Riaghaltas nach urrainn dhaibh càil a ràdh mu chùis-lagha a tha a' leantainn.