Bìobhairean a' tighinn gu tuath?

  • Air fhoillseachadh
BìobhairTùs an deilbh, Getty Images

Chaidh plana fhoillseachadh airson bìobhairean a thilleadh chun na Gàidhealtachd.

Tha co-chomhairle air tòiseachadh mu na beathaichean a leigeil ma sgaoil ann an Gleann Afraig - agus e air a stiùireadh leis a' bhuidhinn Trees for Life.

Nan deadh an tilleadh ann an Gleann Afraig b' e a' chiad turas a bhiodh bìobhairean ri fhaicinn ann an ceann a tuath na h-Alba bho chaidh iad à bith anns an dùthaich o chionn timcheall air 400 bliadhna.

Tha a' bhuidheann charthannais Tress for life ag ràdh gu bheil mòran bhuannachdan àrainneachdail agus eaconamach co-cheangailte ri bìobhairean.

Ach tha iad air co-chomhairle a thòiseachadh airson beachdan dhaoine air an toireadh am plana buaidh a thrusadh.

Dh'fhaodadh suas gu trì càraidean a bhith air an gluasad dhan sgìre ro dheireadh na bliadhna.