Naidheachdan 11:00m
Na Tòraidhean
Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil an deasbad telebhisein an-raoir air a' BhBC eadar na tagraichean Tòraidheach a' dearbhadh gum feum riaghaltas ùr a bhith ann. Chaidh Liz Truss agus Rishi Sunak a-mach air a chèile uair an dèidh uair air an eaconamaidh. Thuirt Mgr Sunak gun caill na Tòraidhean an ath-thaghadh le plana Liz Truss airson cìsean a ghearradh. Thuirt Ms Truss gun cuireadh poileasaidh ionmhais Mhgr Sunak Breatainn ann an crìonadh. Tha deasbad eile eadar iad a-nochd aig tachartas a tha TalkTV agus am pàipear-naidheachd an Sun a' cur air dòigh.
Cosgaisean
Thuirt buidheann de bhuill-phàrlamaid gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tuilleadh taice a thoirt do dhaoine a tha a' strì ri cosgaisean cumhachd àrd. Thuirt Comataidh a' Ghnothachais gun tèid £400 eile, nas motha na bha an Riaghaltas an dùil, ri cunntasan anns an Damhair. Thuirt an Riaghaltas gun do chuir iad sgeama taice an sàs mar thà a tha gu math nas motha na an àbhaist.
Stailc Rèile
Chaidh rabhadh do luchd-siubhail gur e glè bheag de sheirbheisean trèana a bhios ann a-màireach le luchd-obrach Network Rail air stailc air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Ged nach eil gnothach aig ScotRail ris an stailc seo, bidh buaidh air seirbheisean ann an Alba. Cha bhi trèanaichean a' ruith idir tuath air meadhan na h-Alba, agus cha bhi ach fìor chorra-tè eadar Glaschu agus Dùn Èideann.
Raon Jackdaw
Thog Greenpeace tagradh laghail an aghaidh cead do raon gas mòr sa Chuan a Tuath. Fhuair Shell cead san Ògmhios airson leasachadh Jackdaw a chumadh gas, tha iad ag ràdh, ri 1.4m dachaigh. Tha Greenpeace ag ràdh nach tug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte feart air an truailleadh a nì losgadh a' ghas sin. Thuirt an Riaghaltas nach can iad dad mu chùis-lagha a tha a' dol air adhart.
MV Hebrides
Bidh feasgar ann air a' char as tràithe mus seòl an Hebrides air an t-seirbheis eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh. Cha do charaich i an-diugh fhathast agus trioblaid ann le siostam smàlaidh a' bhàta, a tha a' ciallachadh nach bi seòladh ann aig 11:55m às an Tairbeart. Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi tuilleadh fiosrachaidh aca mu 12:30f.