Bella a' tilleadh

  • Air fhoillseachadh
Sam RyderTùs an deilbh, PA Media

Tòisichidh Fèis Chiùil Bhelladrum Diardaoin faisg air a' Mhanachainn, agus i ga cumail airson a' chiad uair bho thòisich am pandemic.

Bidh an fhèis, a chrìochnaicheas Disathairne, ri fhaicinn beò air BBC ALBA.

Am measg na tha gu bhith a' nochdadh am-bliadhna tha Nile Rodgers, Van Morrison, Emeli Sande agus Sam Ryder, a choisinn an dàrna àite aig Fairpais Eurovision na bliadhna.

Chaidh an fhèis a chumail an toiseach ann an 2004, 's bidh i a' tàladh suas ri 20,000 duine.

Bidh tèama aig an fhèis a h-uile bliadhna, agus 's e tèama na bliadhna seo uirsgeul agus faoin-sgeul.