
Tha rabhadh ann do luchd-siubhail gum faodadh barrachd troimhe-chèile a bhith air seirbheisean rèile Diardaoin - an dèidh nan stailcean a bh' ann Diciadain.
Thòisich seirbheisean a-rithist mu 07.15m Diardaoin.
Ach bidh grunn uairean de thìde ann mus bi an lìonra air ais chun na h-àbhaist.
Chaidh a' mhòr-chuid de threànaichean a chur dheth ann an Alba Diciadain ri linn stailc le buill aonadh an RMT a tha ag obair do Network Rail.
Tha dùil a-rithist Diardaoin gum bi mòran sheirbheisean gan cur dheth - gu sònraichte a' chiad char.
Thathas ag iarraidh air luchd-siubhail sùil a thoirt air an fhiosrachadh às ùire.
Sa chumantas, mairidh an tròimhe-chèile nas fhaide airson seirbheisean taobh a-muigh meadhan na dùthcha.
Tha dà stailc eile san amharc san Lùnastail, agus bidh dràibhearan trèana ann an grunn chompanaidhean air stailc Disathairne.
Cha toir seo buaidh air Rèile na h-Alba, ach tha dràibhearan LNER a' gabhail pàirt, agus bheir sin buaidh air seirbheisean air loidhne a' chosta an ear gu ruige Lunnainn.