Peat and Diesel an àite Sam Ryder aig Bella

  • Air fhoillseachadh
Àrd-ùrlar Bhelladrum

Tha Peat and Diesel gu bhith a' cluiche aig Belladrum oidhche Ardaoin is iad air àite Sam Ryder a ghabhail aig a' mhionaid mu dheireadh.

Bidh iad a' cluiche aig 9:45f. anns an Hot House Stage.

B' fheudar dha Ryder, a choisinn an dàrna àite aig Eurovision am-bliadhna, tarraing a-mach à Belladrum, a th' air a cumail faisg air a' Mhanchainn, leis nach eil e gu math.

Thuirt an fheadhainn a tha ruith na fèise gu bi e aca an ath-bhliadhna.

Tha Fèis Chiùil Bhelladrum ga cumail airson a' chiad uair bho thòisich am pandemic.

Bidh an fhèis, a chrìochnaicheas Disathairne, ri faicinn beò air BBC ALBA.

Am measg na tha gu bhith a' nochdadh am-bliadhna tha Nile Rodgers, Van Morrison agus Emeli Sande

Chaidh an fhèis a chumail an toiseach ann an 2004, 's bidh i a' tàladh suas ri 20,000 duine.

Bidh tèama aig an fhèis a h-uile bliadhna, agus 's e tèama na bliadhna seo uirsgeul agus faoin-sgeul.