Aiseagan: "Bu chòir airgead-dìolaidh a phàigheadh" - Alasdair Allan

  • Air fhoillseachadh
MV Hebrides

Le Uibhist a Tuath agus na Hearadh gu bhith às aonais seirbheis aiseig gu co-dhiù Dihaoine, tha BPA nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir airgead-dìolaidh a phàigheadh dha na coimhearsnachdan a tha a' fulang.

Tha CalMac air am bàta-aiseig an MV Hebrides air a toirt a-mach à seirbheis ri linn trioblaidean le siostam smàlaidh an t-soithich.

Tha Alasdair Allan ag ràdh gun gabhadh feum nas fheàrr a dhèanamh den airgead a tha a' chompanaidh aiseig a' pàigheadh ann an càintean.

"An-dràsta tha peanas ann airson a h-uile seirbheis nach eil a' ruith," thuirt e.

"Tha mise aig a' phuing a-nis far a bheil mi ag argamaid gum biodh e na b' fheàrr nam biodh am peanas sin a' dol dhan choimhearsnachd agus gu eaconomaidh na coimhearsnachd, leis gu bheil buaidh cho mòr aig an dìth-sheirbheis a th' againn an-dràsta, an àite a bhith a' dol air ais gu Còmhdhail Alba.

"Feumaidh an rud sin atharrachadh.

"Ach feumaidh rudan eile atharrachadh.

"Carson nach fheum duine sam bith de bhòrd ChalMac a bhith a' fuireach ann an eilean far a bheil CalMac a' ruith?

"Tha rudeigin gu tur ceàrr, agus tha sin gu math follaiseach an-diugh dhan a h-uile duine ann an Uibhist agus na Hearadh," thuirt e.

Fhad 's a tha an Hebrides ga càradh tha seirbheis a bharrachd ga cur air slighe Loch Baghasdail, le carbadan bathair gan cur taobh Armadail airson an MV Lord of the Isles a choinneachadh ma tha iad ro mhòr airson an rathaid gu ruige Malaig.

Tha daoine a bh' air am bucadh air aiseag an Tairbeart gan cur air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Ullapul.