Naidheachdan 11:00m
Na h-Aiseagan
Tha luchd-gnothaich agus riochdairean poilitigeach nan Eilean Siar a' gearain uair eile air briseadh anns na seibheisean aiseig aca. Bidh Uibhist a Tuath 's na Hearadh dà là eile, air a' char as giorra, às aonais na seirbheis eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh, agus am bàt-aiseig an Hebrides air briseadh sìos dà uair ann an seachdain leis an aon thrioblaid le siostam smàlaidh. Thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, gum feum Riaghaltas na h-Alba èisteachd an turas seo ris na coimhearsnachdan a tha a' fulang.
Archie Battersbee
Chuir pàrantan Archie Battersbee tagradh gu Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna ann an Strasbourg aig iarraidh maill ann an tionndadh dheth an inneil a tha ga chumail beò. Bha dotairean ann an Lunnainn am beachd sin a dhèanamh an-diugh. Chaidh Archie, a tha 12 bhliadhna de dh'aois, fhaighinn gun mhothachadh na dhachaigh ann an Essex anns a' Ghiblean, agus tha dotairean ag ràdh gu bheil eanchainn marbh.
Comhairlean na h-Alba
Tha riochdairean comhairle a' bruidhinn ri Riahgaltas na h-Alba an-diugh 's iad ag iarraidh tuilleadh airgid airson àrdachadh pàighidh do luchd-obrach. Tha na h-aonaidhean ag ràdh, mura bi an t-àrdachadh pàighidh ann, gum bi stailcean ann. Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith ag ràdh gu ruige seo nach eil airgead aca mura geàrr iad seirbheisean.
Luchd-màil
Tha dragh air buidhnean carthannais air feadh na Rìoghachd Aonaichte nach faigh luchd-còmhnaidh aig a bheil dachaigh air màl taic £400 an Riaghaltais airson cosgaisean connaidh. 'S e an t-uachdaran a gheibh an t-airgead, agus chan eil dleastanas orra sin a thoirt dhan luchd-còmhnaidh. Thuirt na carthannas taigheadais Shelter gum faodadh còrr is 500,000 dachaigh taic-airgid air a bheil iad airidh a chall.
Taiwan
Thuirt labhraiche Thaigh nan Riochdairean, Nanci Pelosi, nach trèig na Stàitean Aonaichte Taiwan. 'S ise an riochdaire poilitigeach Aimeireaganach as cumhachdaiche ann an 25 bliadhna a th' air tadhal air an eilean. Ged nach eil an Taigh Geal a' cur taice gu h-oifigeil ri a turas, tha Riaghaltas Shìona, a tha a' coimhead air Taiwan mar dhùthaich a dhealaich riutha, a' maoidheadh dìoghaltais air Taiwan.
Ospadal Phort Rìgh
Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil iad am beachd Ospadal Phort Rìgh a dhùnadh. Thàinig fios bhon bhòrd-shlàinte an dèidh dhan bhuidhinn-iomairt ionadail NHS SOS innse gu bheil iad am beachd an iomairt àrdachadh le dragh orra gu bheil seirbheisean a' crìonadh, 's gu h-àraid dùnadh ionad cùraim is èiginn Ospadal Phort Rìgh le cion luchd-obrach. Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil iad a' gealltainn seirbheis slàinte do cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich, agus gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill luchd-obrach fhastadh mu choinneimh sin.