
Chuirear fios gu Comhairle na Gàidhealtachd mu phlanaichean ùra airson raoin-ghoilf faisg air Eurabol ann an Cataibh.
Tha a' chompanaidh Coimhearsnachan 'son a' Chùil Eta airson raon-goilf anns a bheil 18 tuill a thogail.
Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt do phlanaichean 'son raoin-ghoilf eile san sgìre bho chionn dà bhliadhna.
Chuir Coimhearsnachan 'son a' Chùil Eta tagradh gu an ùghdarras ionadail ag innse gu bheil iad an dùil cead-dealbhaidh a shireadh.
Tha an tagradh ag ràdh gum biodh an raon-goilf air 652 àcraichean de thalamh ionaltraidh, mùraichean agus coille.
Tha iad cuideachd ag iarraidh taigh-cluba, bùth agus seada a thogail.
Àrainneachd
Tha a' chompanaidh ag ràdh gun cruthaich an leasachadh obraichean agus gun toir e barrachd dìon do dh'àrainneachd a' chladaich.
Ach tha buidhnean glèidhteachais an aghaidh nam planaichean agus dragh orra gun tèid milleadh a dhèanamh air sgìre ghlèidhte a tha gu math cudromach.
'S e am fear-gnothachais Aimeireaganach, Todd Warnock, a bha air cùl nam planaichean dà bhliadhna air ais.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad air an son.
Ach chaidh sin a leigeil às le Riaghaltas na h-Alba an dèidh do rannsachadh poblach a bhith air a chumail agus dragh mun bhuaidh air planntrais, eòin agus na mùraichean.