
Thòisich an obair airson ceuman-coiseachd aig Bodach an Stòir san Eilean Sgitheanach a leasachadh ann an 2019.
An dèidh mar a shoirbhich le tagraidhean Comhairle na Gàidhealtachd airson maoineachaidh a bharrachd, thòisich an dàrna ìre den phròiseact air 13mh den Ògmhios am-bliadhna.
Fhuair an t-ùghdarras ionadail £151,343 bho Stòras Bun-structar Turasachd Dhùthchail aig VisitScotland agus suim luach £65,784 bho Roinn an Àiteachais (SGRPID) aig Riaghaltas na h-Alba.
Tha dùil gum mair an cùmhnant 17 seachdainnean agus gum bi an obair deiseil am meadhan an Fhaoillich 2023.
Làrach ainmeil
Bidh na mìltean dhaoine a' dol gu Bodach an Stòir a h-uile bliadhna ach tha sin air fàgail gun deach cron a dhèanamh air an àrainneachd leis nach robh ceuman-coiseachd ceart ann.
'S e amas a' phròiseict lùghdachadh a thoirt air crìonadh ùire le bhith a' togail shlighean soilleir do luchd-coiseachd.
Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Roinneil VisitScotland: "Tha Bodach an Stòir air tè de na làraichean as ainmeile san Eilean Sgitheanach agus thàinig àrdachadh mòr air na tha de dhaoine a bhios a' tadhal ann sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.
"Tha mi toilichte gum bi an t-airgead a thug sinn seachad a' ciallachadh gum bi an làrach bhòidheach seo air a dìon agus gum bi i mòran nas goireasaiche dhan fheadhainn a thig ann."
Talamh ionaltraidh
Bha dragh am measg chroitearan gun robh iad a' call talamh ionaltraidh air sgàth a' chrìonaidh thalmhainn a bha làraichean coise nam mìltean luchd-tadhail ag adhbhrachadh.
Thuirt Eòghann Mac a' Phearsain, Àrd-oifigear Àiteachais aig SGRPID: "Chan e a-mhàin gum bi an làrach a' coimhead nas fheàrr, bidh i cuideachd nas sàbhailte do dhaoine agus bidh na ceuman ùra a' ciallachadh gur e na caoraich a tha ag ionaltradh a bhios a' mathachadh na talmhain mun cuairt orra uair eile.
"Tha mi toilichte cuideachd gum bithear a' càradh nan ceuman gach bliadhna."