Naidheachdan 11:00m

Prìsean cumhachd

Thèid atharrachadh a h-uile trì mìosan seach sia mìosan a dhèanamh air smachd air prìs cumhachd na dachaigh ann an Sasainn, an Alba agus anns a' Chuimrigh. Thuirt riaghladair a' ghnìomhachais, Ofgem, gu bheil sin a dhìth gus an seachainn iad mar a thachair air a' gheamhradh seo chaidh nuair a chaidh na h-uimhir de chompanaidhean fodha leis cho caochlaideach 's a bha a' mhargaidh. Tha dùil gun èirich prìsean cumhachd a-rithist san Dàmhair nuair a bhios an ath atharrachadh ann.

Tha coltas gum faodadh Banca Shasainn ìre an rèidh a chur suas 0.5% an-diugh bho 1.25% gu 1.75 % 'son feuchainn ri smachd a chur air an atmhorachd. 'S e àrdachadh sia tursan ann an sreath a bhiodh an sin.

Thuirt a' chompanaidh cumachd mhòr, Shell, gun toir iad bònas aon turus 8% dhan mhòr-chuid den luchd-obrach an dèidh innse an t-seachdain seo chaidh gun do rinn iad còrr 's £7bn de phrothaid sna trì mìosan mu dheireadh. Thuirt Shell gur e duais a tha sin 'son soirbheachas na companaidh agus nach e cuideachadh le àrdachadh ann an cosgaisean bith-beò.

Thuirt Taiwan gun do loisg Sìona urchairean ballistic ann an Caolas Thaiwan. Dh'fhoillsich Sìona eacarsaich armaichte sa sgìre sin mar fhreagairt do thuras Nancy Pelosi, Labhraiche Thaigh Riochdairean nan Stàitean Aonaichte, gu ruige Taiwan aig toiseach na seachdain. Thuirt Taiwan gu bheil iad a' neartachadh dìon na dùthcha.

Rinn pàrantan Archie Battersbee tagradh ris an Àrd-chùirt 'son an gille aca a ghluasad gu hospice. Dhiult Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna an-raoir gnothach a ghabhail ris a' chùis agus chuir sin às do dhòchas mu dheireadh an teaghlaich air dòigh laghail air a chumail beò nas fhaide air inneal. Tha Archie, a tha 12 bhliadhna a dh'aois, air a bhith ann an còma bho chionn ceithir mìosan.

Bidh trì latha eile ann, air a' char as giorra, mus till an Hebrides dhan t-seirbheis aiseig eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh. Tha i ann an Grianaig airson an siostam smàlaidh a chàradh agus tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn an dòchas, aig an ìre seo, gum faodadh i seòladh às an sin oidhche Shathairne, ged nach eil iad a' gealltainn sin. Tha Lord of the Isles a' cur seòlaidhean a bharrachd air dòigh an-dràsta eadar Loch Baghasdail agus Armadal. Bidh i a' seòladh à Loch Baghasdail aig 14:00f an-diugh agus às Armadal aig 18:00f.