Foghlam Gàidhlig san fhicheadamh linn

Bidh ceud gu leth bliadhna ann a-màireach bho thàinig Achd an Fhoghlaim 1872 a-steach.

San dàrna aithris aige san t-sreath, tha Ruairidh MacIomhair a' coimhead air na h-oidhirpean a chaidh a dhèanamh san fhicheadamh linn gus foghlam Gàidhlig a stèidheachadh às ùr ann an Alba.

As dèidh obair bhunaiteach san dàrna leth dhan linn, dh'fhosgail na ciad aonadan Gàidhlig ann an 1985 - ceum cho cudromach 's a chunnacas ann an eachdraidh foghlaim a' chànain bhon Achd fhèin còrr air ceud bliadhna ron a sin.