
Thèid clàr-ama a chur air adhart an ath-mhìos gus Caisteal Chiosmuil ann am Barraigh fhosgladh a-rithist.
Às dèidh coinneimh phoblaich ann am Bàgh a' Chaisteil Diluain, dh'innis Aonghas Brianan MacNèill BP gu bheil Àrainneachd Eachdraidheil Alba is MacNèill Bharraigh ag amas air plana a thoirt air adhart san t-Sultain.
Chan eil e soilleir aig an ìre seo ge-tà, am bi e poblach sa chiad dol a-mach.
Tha an caisteal dùinte ri linn adhbharan sàbhailteachd, agus e a' feumachdainn obair-càraidh.
Ìomhaigh Bharraigh
Thuirt Mgr MacNèill gum feum Alba Eachdraidheil tòrr a bharrachd a dhèanamh gus na dleastanasan aca a thaobh na làraich a choileanadh.
"Tha an caisteal dùinte an-dràsta, o chionn ma dh'fhaoidte seachd bliadhna," thuirt Mgr MacNèill.
"Tha cùisean air a dhol ceàrr ro Chovid. Tha mi a' smaoineachadh o 2015 gu seachd-àraid tha daoine air a bhith a' faicinn nach eil iad air a bhith a' leantainn an dleastanais a th' aca.
"Tha an caisteal air màl aca bhon cheann-cinnidh airson 999 bliadhna - agus tha an caisteal a-niste dùinte.
"Seo a' chiad uair a tha e air a bhith mar seo, 's chan eil daoine toilichte.
"'S gu dearbha fhèin cha robh daoine a shiubhail à Aimeireaga 's Astràilia airson a bhith am Barraigh toilichte nas motha.
"A' cheist a nochd sa chiad àite, carson a chaidh cùisean cho fada sin 's nach robh obair-leasachaidh ri dhèanamh gus cùisean sàbhailteachd a sheachnadh?
"Ach a-niste tha e aig ìre far a bheil sin a' cur dragh air daoine.
"Tha sinn an dòchas gu bheil cùisean ag atharrachadh.
"Tha dithis aig Alba Eachdraidheil ag obair timcheall air seo agus a' feuchainn ri cùisean a dhèanamh nas fheàrr.
"Gu seachd-àraid tha sinn an dòchas gum bi cùisean gu math nas fheàrr an ath-bhliadhna, air sàilleabh 's gum bi an ath-bhliadhna, oghaichean nan daoine a dh'fhalbh o chionn ceud bliadhna a' tilleadh.
"Mar sin bhiodh tu an dòchas gum biodh an caisteal fosgailte aon de na rudan a bu choltaiche, 's e cho ceangailte ri ìomhaigh Bharraigh," thuirt e.