Naidheachdan 11:00m

Deuchainnean Sgoile

Tha clann-sgoile na h-Alba a' faighinn co-dhùnadh nan deuchainnean an-diugh. Tha cha mhòr ceathrar anns gach còignear air soirbheachadh aig Ìre Nàiseanta 5, Àrd-Ìre, agus Àrd-Ìre Adhartach. Tha an àireamh de shoirbheachas sìos bhon ìre as àirde riamh a bh' ann aig a' Phandemic nuair nach robh deuchainnean foirmeil ann, ach tha e nas fheàrr na bh' ann ro Chovid. Thuirt Buidheann Teisteanais na h-Alba gun robh iad gu math fialaidh leis a' chomharrachadh an turas seo, agus an stairsich airson measadh aig ìre C ceithir puingean nas lugha na an àbhaist.

Cosgais a' Chumhachd

Tha buidheann-sgrùdaidh ag ràdh gum faodadh cosgais bhliadhnail chumhachd na dachaigh ann an Alba, an Sasainn agus a' Chuimrigh èirigh gu còrr is £4,200 san Fhaoilleach an ath-bhliadhna. Tha an tomhas as ùire bho Cornwall Insight £650 nas motha na an turas mu dheireadh.

Taiwan

Rinn Arm Thaiwan eacarsaich le urchairean beò aig an aon àm 's a tha feachdan Shìona fhathast ri eacarsaich faisg air an eilean. Bha an drill a rinn Arm Thaiwan a' cur romhpa na dhèanadh iad nan toireadh na Sìonaich ionnsaigh orra.

Dòmhnall Trump

Tha Dòmhnall Trump a' càineadh rèid a rinn an FBI air a dhachaigh ann am Mar-a-lago ann am Florida nuair nach robh esan a-staigh. Tha eòlaichean den bheachd gur e dragh mu thèarainteachd nàiseanta an t-adhbhar a bha rèid ann. Cha tuirt an FBI dad mun chùis.

Rèile na h-Alba

Tha ceannardan Rèile na h-Alba a' coinneachadh ri oifigearan an aonaidh RMT an-diugh 's iad a' feuchainn ri stailc rèile a sheachnadh ann an Alba. Dhiùlt luchd-obrach Rèile na h-Alba àrdachadh pàighidh 5% agus iad ag ràdh gu bheil iad airidh air pàigheadh a tha a rèir chosgaisean bith-beò.

Dùn Phris

Tha luchd-smàlaidh a' strì fhathast ri teine mòr aig seann taigh-chràbhaidh ann an Dùn Phris. Thòisich an teine ann an Togalach Cnoc Chorbelly air Sràid MhicSuail sa bhaile tràth sa mhadainn. Chaidh a thogail ann an 1884, ach tha e air a bhith falamh fad bhliadhnaichean agus ann an droch staid.