
Bidh an dà bhàt-aiseig a tha Gàrradh MhicFhearghais a' togail airson CalMac deiseil an ath-bhliadhna, a rèir àrd-oifigeir ùir na companaidh, Dàibhidh Tydeman.
Thuirt e gu bheil gnothaichean a' coimhead gu math dòchasach dhan chompanaidh às dèidh bhliadhnaichean de thrioblaidean leis an dà shoitheach.
Thuirt Mgr Tydeman gu bheil iad a-nis air an t-slighe cheart airson an MV Glen Sannox a thoirt seachad eadar am Màrt agus an Cèitean 2023 leis a' bhàt-àiseig eile cuideachd gu bhith deiseil ro dheireadh an ath-bhliadhna.
Chunnacas an Glen Sannox san uisge Dimàirt 's i a' tilleadh gu Gàrradh MhicFhearghais às dèidh trì seachdainnean de dh'obair oirre ann an doca tioram.
Chan eil Hull 802 air a dhol dhan uisge fhathast ach tha cus a bharrachd uidheamachd air a dhol innte agus i gu math nas truime na bha an Glen Sannox nuair a chaidh ise a chur dhan uisge an toiseach bho chionn ceithir bliadhna.
Thuirt Mgr Tydeman gu bheil an gàrradh a-nis ann an suidheachadh cus nas fheàrr na bha iad agus gu bheil iad dòchasach gum faigh iad cùmhnantan airson cuid de na soithichean eile a tha san amharc.