
Tha luchd-rùp ag ràdh gun robh iarrtas "làidir agus misneachail" ann air caoraich mhonaidh Dimàirt aig Fèill Uan na Luirge ann an Cataibh.
Chaidh còrr air 15,000 caora a reic, le prìsean nas motha na bh' ann an-uiridh.
Tha iarrtas air feòil-uain Albannaich air feadh na Roinn Eòrpa agus ann am pàirtean de Bhreatainn a' fàs, agus tha sin a' fàgail na margaidh làidir.
"Chan eil cus chaorach anns a' mhargaidh air feadh an t-saoghail," thuirt Seòras Purves, aig United Auctions.
"Iarrtas Mòr"
"Tha na h-àireamhan air tuiteam ann an Astràilia, New Zealand, a thuilleadh air an Roinn Eòrpa gu lèir.
"'S tha margaidh againn san RA a tha a' fàs, agus air feadh na Roinn Eòrpa. Tha iarrtas mòr air feòil-uain - agus cha ghabh uiread toirt a-steach bhon leth-chruinne a deas.
"Saoilidh mi, a' dol air adhart, gun cùm a' mhargaidh oirre ga leasachadh, agus chan eil na h-àireamhan a' dol an-àirde.
"Mar sin dheth saoilidh mi gu bheil margaidh làidir agus misneachail againn san ùine fhada 'son chaorach.
"Tha corra aodann ùr aig an fhèill an-diugh. Tha cliù nan uan seo san Luirg ainmeil air feadh na RA. Fàsaidh iad gu math, 's tha iad cruaidh.
"Tha feadhainn a' tighinn an seo feuch ciamar a tha e, agus tha grunnan luchd-ceannaich ùra againn aig an fhèill an-diugh a thuilleadh orrasan a th' air tighinn o chionn fhada.
"Tha sin a' cumail na margaidh beòthail."