
Chaidh fireannach, 39, a chur an grèim
Leanaidh rannsachadh poilis Diardaoin às dèidh mar a chaidh duine a mharbhadh agus triùir a ghoirteachadh ann an sreath ionnsaighean ann an sgìre an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.
Chaidh na Poilis a ghairm gu dachaigh ann an Tarsgabhaig an Slèite beagan ro 09:00m Diciadain, agus aithris ann gun robh boireannach, 32, air a droch leòn.
Chaidh a toirt gu Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid ann an Glaschu airson leigheas.
Beagan às dèidh 09:30m chaidh an gairm gu tachartas eile anns an Teanga, cuideachd ann an Slèite, far an deach gunna a losgadh.
Chaidh fios a chur gu na seirbheisean èiginn, ach bhàsaich fireannach, 47, aig an làraich.
Chaidh na Poilis an uairsin a ghairm gu tachartas eile air an Dòrnaidh, air tìr-mòr, far an deach gunna a losgadh cuideachd.
Chaidh fireannach a dhroch leòn agus chaidh a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir, ann an Inbhir Nis.
Chaidh boireannach a leòn cuideachd agus chaidh ise a thoirt gu Ospadal an Àth Leathainn san Eilean Sgitheanach.
Thuirt na Poilis gu bheil ceangal eadar na tachartasan agus gun deach fireannach, 39, a chur an grèim.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Lùnastal 2022
