Fear fo chasaid muirt an dèidh ionnsaighean

  • Air fhoillseachadh
An Dòrnaidh

Chaidh fear aois 39 a chur fo chasaid muirt agus gun do dh'fheuch e ri triùir eile a mhurt, ann an ionnsaighean a thachair ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse Diciadain.

Tha dùil ris ann an Cùirt an t-Siorraim an Inbhis Nis Dihaoine an 12mh den Lùnastal.

Bhàsaich John MacFhionghain, 47, san ionnsaigh aig taigh ann an Teanga ann an Slèite san Eilean Sgitheanach madainn Diciadain.

Thuirt teaghlach Mhgr MhicFhionghain: "Bha gràdh mòr air mar chèile, athair do shianar chloinne, bràthair, uncail agus seanair agus fear air an robh gaol sa choimhearnsachd."

"Bu mhath leis a bhith a-muigh air an tuath, bha e dèidheil air a' mhotar-baidhseagal aige agus na athair gràdhach bhiodh e a' dèanamh torr le a theaghlach."

Tha an teaghlach air iarraidh gun leig daoine leotha agus gun dragh a chur orra aig an àm dhuillich a tha seo.

John MacFhionghain
Fo-thiotal an deilbh,

John MacFhionghain

Ionnsaighean

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu baile Tharsgabhaig ann an Slèite mu 09:00m Diciadain, far an robh boireannach, 32, air a droch leòn.

Thugadh ise gu Ospadal Oilthigh na Bàn-righinn Ealasaid ann an Glaschu, far a bheil i ann an suidheachadh gu math ìosal.

Chaidh an gairm an uair sin gu tachartas anns an Teanga, mu ochd mìle air falbh, far an deach gunna a losgadh air Mgr MacFhionghain. Bhàsaich e aig an làraich.

Chaidh na seirbheisean èiginneach an uair sin a ghairm gu tachartas eile air an Dòrnaidh air tìr-mòr, far an deach gunna a losgadh, agus far an deach fireannach agus boireannach a leòn.

Thugadh am fireannach, 63, a bh' air a dhroch ghoirteachadh, a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, far a bheil e ann an suidheachadh gu math ìosal.

Chaidh am boireannach, 63, a chaidh a ghoirteachadh a thoirt gu Ospadal an Àth Leathainn san Eilean Sgitheanach, às an deach a leigeil dhachaigh.

Chaidh am fireannach, 39, a chaidh a chur an grèim cuideachd a thoirt dhan ospadal.

Bròn

A' bruidhinn mu na thachair thuirt an Comh. Calum Rothach gun ro e doirbh a chur an cèill na th' ann de bhròn, dìth thuigse agus do-chreidsinn am measg mhuinntir an eilein, agus ann an coimhearsnachdan Shlèite gu h-àraid.

"Là ris nach robh duine an dùil a bh' ann, agus tha daoine dìreach fo bhròn, agus aig an aon àm tha e doirbh gabhail a-steach gu bheil seo air tachairt anns a' cheàrnaidh seo den Ghàidhealtachd, " thuirt an Comh. Rothach.

"Bheir e ùine mhòr. Tha tòrr, mar gum biodh, àmhghair agus pìan ron a h-uile duine ann an dòigh, is gu h-àraid an fheadhainn air an tug seo buaidh gu math dìreach, gu math teann."