
Tha fireannach air nochdadh sa chùirt fo chasaid muirt agus trì casaidean gun do rinn e oidhirp air murt às dèidh grunn ionnsaighean air a' Ghàidhealtachd an t-seachdain seo.
Nochd Fionnlagh MacDhòmhnaill, 39, gu prìobhaiteach aig Ionad Ceartais Inbhir Nis feasgar Dihaoine às dèidh nan tachartasan san Eilean Sgitheanach agus air an Dòrnaidh Diciadain.
Chaidh casaid muirt a chur mu choinneamh ceangailte ri bàs Iain MhicFhionghain, 47, agus aig an robh sianar chloinne, anns an Teanga ann an Slèite madainn Diciadain.
Tha trì casaidean de dh'oidhirp air murt cuideachd mu choinneamh ceangailte ri dà thachartas eile, aon ann an Tarsgabhaig ann an Slèite, agus fear eile air an Dòrnaidh.
Cha do rinn Mgr MacDhòmhnaill tagradh sam bith agus chaidh a chumail an grèim.
Tha dithis fhathast san ospadal às dèidh nan ionnsaighean.
Tha bean Fhionnlaigh MhicDhòmhnaill, Rowena NicDhòmhnaill, 32, ann an suidheachadh èiginneach ann an Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu, agus tha John Don MacCoinnich, 63, ann an suidheachadh ìosal ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.