
Gheall Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, coimhead air modailean eile airson cùram màthaireil ann an Gallaibh às deidh coinneamh le luchd-iomairt.
Tha dragh air a bhith anns a' choimhearsnachd mun t-suidheachadh bho chaidh an t-aonad aig Ospadal Ghallaibh an Inbhir Ùige atharrachadh ann an 2016 gu bhith fo stiùir mhnathan-glùine seach àrd-dhotairean.
Tha sin a' fàgail gu bheil feum aig a' mhòr-chuid de bhoireannaich ionadail aig a bheil dùil ri leanabh ri siubhal a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, a tha còrr air 100 mìle air falbh.
Thuirt Mgr Yousaf gun robh e math coinneachadh aghaidh ri aghaidh ri luchd-iomairt agus gun coimhead e gu ceart air modailean eile leithid mar a th' aca ann an Arcaibh.
"Gun teagamh tha leasanan ri ionnsachadh," thuirt e.
"Tha cion-earbsa gu follaiseach na thrioblaid eadar an luchd-iomairt agus Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd agus chan eil sin math.
"Chan e sin a tha am bòrd-slàinte ag iarraidh agus tha iad airson an earbsa a th' air crìonadh thar nam bliadhnaichean a stèidheachadh às ùr leis an luchd-iomairt.
"Feumaidh sùil a bhith againn air an àm ri teachd agus air mar is urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' coimhead air na nithean seo le inntinn fhosgailte.
"Tha seo cudromach gus an t-seirbheis is fheàrr a thabhann do bhoireannaich agus an teaghlaichean, a toirt prìomhachais dhan cuid sàbhailteachd, agus a toirt cothrom dhaibh, tha sinn an dòchas, leanabh a bhith aca cho faisg air an taigh is as urrainn," thuirt e.