Harland & Wolff a' dèanamh call de £25m

  • Air fhoillseachadh
Gàrradh Àranais

Thuirt a' chompanaidh leis a bheil gàrradh-togail Àranais ann an Leòdhas gu bheil iad misneachail mun àm ri teachd, a dh'aindeoin 's gun do rinn iad call, ro chìsean, de £25m an-uiridh.

Tha Harland and Wolff, a ghabh thairis an gàrradh sa Ghearran an-uiridh, an dòchas sreath de chùmhnantan luachmhor fhaighinn - feadhainn ann an roinn na cumhachd ath-nuadhachail nam measg.

Tha iad an dùil 100 preantas a chur ann an àite air feadh nan ceithir làraichean aca san Rìoghachd Aonaichte ron ath shamhradh.

Ann am brath a thàinig an cois na h-aithisg bhliadhnail aca, thuirt Àrd-Oifigear Harland and Wolff, Iain Wood, gu bheil a' chompanaidh an-diugh nas làidire na bha i a-riamh.

Tha seo a tighinn às dèidh dhaibh gàrraidhean togail Àranais agus Methil ann am Fìobha a ghabhail os làimh, is e ag ràdh gu bheil iad air obair mhòr a dhèanamh airson an ùrachadh agus an leasachadh.

Thuirt Mgr Wood gu bheil iad mar-thà air càirdeasan làidir a thogail le luchd-leasachaidh ann an roinn na cumhachd ath-nuadhachail a shoirbhich ann a bhith a' faighinn chòirichean leasachaidh, agus gun tig buannachd mhòr dhan a' roinn a dh'aithghearr.

Thug a' chompanaidh a-mach iasad, le riadh àrd, de $70m ge-tà, air sgàth a' chall a rinn iad an-uiridh agus iad feumach air airgead calpa.

A thuilleadh air an dà sheann ghàrradh aig BiFab ann an Alba, tha gàrraidhean togail aig Harland and Wolff ann am Beul Feirste agus Appledore ann an Devon.