
Chaidh làr-ionad a stèidheachadh le Bun-sgoil Inbhir Pheofharain airson cuideachadh a thoirt do theaghlaichean - gu h-àraid a thaobh chosgaisean bith-beò.
Thèid buidhnean ionadail an sàs ann cuideachd airson taic slàinte-inntinn a thoirt seachad.
"Chaidh an t-ionad teaghlaich againn a chur air bhonn mar fhreagairt air èiginn nan cosgaisean bith-beò, agus an dèidh a' ghlasaidh," thuirt ceannard na sgoile, Sarah NicAsgaill.
"Tha uallach a' sìor thighinn air teaghlaichean an-dràsta na cosgaisean aca a phàigheadh, 's bha sinn airson na b' urrainn dhuinn a dhèanamh mar sgoil agus mar choimhearsnachd gus an t-uallach sin a dhèanamh nas lugha.
Co-obrachadh
"'S ann dìreach ri taobh na sgoile a tha an t-ionad, 's le sin chan fheumar a dhol a-steach dhan sgoil fhèin, agus tha fàilte ron a h-uile teaghlach againn airson farsaingeachd sheirbheisean," thuirt i.
Tha iomadach rud ri fhaighinn anns an ionad, eadar aodach-sgoile agus rudan practaigeach mar bhruisean fhiaclan, agus tha a h-uile càil ri fhaighinn an-asgaidh.
Bidh co-obrachadh ann cuideachd le buidhnean ionadail eile, le taic slàinte-inntinn ri fhaotainn, agus bùithtean-obrach gan cur air dòigh airson mhàthraichean 's am pàistean.
"Tha sinn uabhasach fortanach gu bheil tòrr bhuidhnean gu bhith an sàs agus a' co-obrachadh còmhla rinn," thuirt Joanna NicSuain, a tha na tidsear san sgoil.
"Tha Mikeysline gu bhith ag obair còmhla rinn, tha buidhnean gu bhith an sàs ann an leigheas-cluiche, agus tha sinn ag obair le buidheann Collywobbles a tha a' toirt seachad taic airson slàinte-inntinn do dh'òigridh.
"Tha sinn an dùil buidheann pàrant is pàiste a stèidheachadh anns an ionad.
"Tha sinn gu bhith ag obrachadh còmhla ri Cròileagan Inbhir Pheofharain airson seo a dhèanamh, airson taic a thoirt do theaghlaichean aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig 's ann am foghlam Gàidhlig, agus airson ceanglaichean nas làidire a dhèanamh anns a' choimhearsnachd Ghàidhlig an Inbhir Pheofharain.
"Tha sinn an dùil cuideachd a bhith a' ruith cafaidh Ghàidhlig anns an togalach seo, agus tha sinn an dòchas ceanglaichean a dhèanamh còmhla ri daoine bho gach ginealach anns a' choimhearsnachd.
"Bidh ceòl is dannsa againn, 's dìreach cothroman daoine a thoirt ri chèile airson a bhith a' bruidhinn airson inbhe agus cliù na Gàidhig a thogail ann an Inbhir Pheofharain," thuirt i.
Maireannachd
Bidh an t-ionad ùr cuideachd a' brosnachadh ath-chuairteachaidh agus ath-chleachdaidh.
"Mar sgoil, tha sinn airson 's gum bi cothrom aig na teaglaichean againn air fad air an ionad-teaghlaich againn, 's gun cleachd iad uile e," thuirt Ms NicAsgaill.
"Chan eil sinn airson 's gum faicear e mar àite dhan tig pàrantan mura h-eil comas aca pàigheadh airson rudan.
"Tha sinn airson cultar maireannachd a bhrosnachadh, agus sin a dhèanamh àbhaisteach dha na sgoilearan againn, ach an tèid aca air roghainnean maireannach a dhèanamh nan inbhich," thuirt i.
Ged a tha saor-làithean an t-samhraidh seachad do mhuinntir na sgoile, cha bhi an t-ionad ùr fosgailte chun an ath-sheachdain.