Naidheachdan 11:00m

Ìre na h-Atmhorachd

Thuirt Ministear Gnìomhachais na h-Alba, Ivan McKee, gu bheil an Riaghaltas a' coimhead ri dè a ghabhas a dhèanamh airson teaghlaichean a chuideachadh às dèidh àrdachaidh mhòir eile ann an ìre na h-atmhorachd. Sheall dàta a chaidh fhoillseachadh sa mhadainn gun do leum ìre an CPI gu 10.1% anns an Iuchar, suas bho 9.4% air a' mhìos ron sin. Seo an t-àrdachadh as motha ann an cosgaisean bith-beò bhon Ghearran, 1982.

Prìsean Taigheadais

Dh'èirich prìsean thaighean anns an Rìoghachd Aonaichte 7.8% anns a' bhliadhna gu ruige an Ògmhìos. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gu bheil a' prìs mheadhanach airson taigh a-nis a' seasamh aig £286,000 gu nàiseanta. Ann an Alba tha a' phrìs air èirigh gu £192,000 - àrdachadh de 11.6%.

Airgead-dìolaidh

Dhearbh an Riaghaltas gun toir iad £100,000 ann an airgead-dìolaidh eadar-amail dha na mìltean a dh'fhulaing nuair a chaidh fuil thruaillte a thoirt do dh'euslaintich anns na '70an agus na '80an. Tha dùil gun deach timcheall air 3,000 duine an gannrachadh le HIV neo Hepatitis C ann an Alba a-mhàin. Chuir luchd-iomairt fàilte air an naidheachd, ach tha iad ag ràdh gum bi mòran ann - mar phàrantan - a chaill an clann - nach bi airidh air an airgead.

Breac nam Muncaidhean

Tha coltas ann gu bheil an taomadh de Bhreac nam Muncaidhean anns an Rìoghachd Aonaichte a' lùghdachadh, a rèir cheannard Buidheann Tèarainteachd Slàinte na Dùthcha. Thuirt Dame Jenny Harries nach eil ach cola-deug ann bhon a bha an àireamh dè chùisean ùra a' seasamh aig 35 gach là - ach gu bheil sin a-nis air tuiteam gu timcheall air 20 san là.

Às dèidh dhaibh a bhith ann am Peairt an-raoir, tha na tagraichean airson ceannas a' Phàrtaidh Thòraidhich ann an Èirinn a Tuath an-diugh. Cumaidh Liz Truss agus Rishi Sunak coinneamh hustings faisg air Béal Feirste feasgar - 's dùil gun tèid an ceasnachadh mu dè a dhèanadh iad mu phrotocol Èireann a Tuath agus an staing ann an cosgaisean bith-beò nan deadh an taghadh.

Chuir Dòmhnall Trump fàilte air an naidheachd gun do chaill tè de na nàimhdean as motha aige sa Phàrtaidh Phoblachdach, Liz Cheney, taghadh thagraiche ann an Wyoming. Thuirt e gun robh i spìdeach agus fèin-fhìreantach. Dh'innis a' Bh-Mgr Cheney gun robh i a' diùltadh gabhail ri breugan Mhgr Trump mu mar a chaill e taghadh a' chinn-suidhe, agus gun dèan i a h-uile càil as urrainn dhi airson a chumail a-mach à cumhachd.

Agus tha an duine as beartaiche air an t-saoghal, Elon Musk, ag ràdh nach robh e ach a' toirt car às daoine nuair a thuirt e air Twitter gun robh e a' dol a cheannach Manchester United. Dh'fhaodadh gum bi seo na bhriseadh dùil do luchd-leantainn a' chluba, a tha ag iomairt airson faighinn cuidhteas an teaghlach Glazer, a cheannaich an cluba ann an 2005. Tha an cluba aig bonn a' Phrìomh Lìog 's gun iad air aona phuing a thogail bho thoiseach an t-seusain.