Iomairt an aghaidh atharrachadh nursaidh niùro-eòlasaich

  • Air fhoillseachadh
Nearbh le ceangal bristeTùs an deilbh, Getty Images

Tha luchd-iomairt anns na h-Eileanan Siar ag iarraidh air NHS na sgìre stad a chur air pròiseas a chuireadh às do nursaichean niùro-eòlasach fa leth air tinneasan mar MS, Parkinson's agus an Tinneas Tuiteamach.

A dh'aindeoin ghearanan bho dhaoine, tha bòrd na slàinte a' dol air adhart le pròiseas a chitheadh aona nurs aig àrd-ìre a' coimhead às dèidh nan tinneasan niùro-eòlasach uile - seach nursaichean fa leth.

Chur iad a-mach sanas airson na dreuchd ùire - ach tha luchd-iomairt a-nis ag iarraidh orra stad a chur air sin.

Tha nurs sònraichte air a bhith stèidhichte sna h-eileanan airson dèiligeadh ri euslaintich MS, agus nurs eile pàirt-ùine airson an Tinneis Thuiteamaich.

Tha bòrd na slàinte airson aon dreuchd shònraichte a stèidheachadh a bhiodh an urra ri tinneasan niuro-eòlasach air fad, le ceanglaichean nas fhoirmeile ann ri eòlaichean ann an Glaschu.

Cùram Co-ionnan

Tha buidhnean oifigeil leithid Epilepsy na h-Alba, Parkinson's na h-Alba, Comann an MS, agus cuideachd a' bhuidheann charthannais ionadail Niùro Innse Gall, air gearanan a dhèanamh mu na planaichean.

Tha iad sin uile ag ràdh gur e ceum mòr air ais a bhiodh ann, 's nach gabh an t-uallach air fad a ghiùlain le aon nurs.

Choinnich iad ri riochdairean a' bhùird shlàinte o chionn ghoirid, 's iad air brath a sgaoileadh às a dèidh ag iarraidh air a' bhòrd gun a dhol air adhart le cuideigin às ùr fhaighinn an-dràsta gus an gabhadh barrachd chòmhraidh a dhèanamh mun chùis.

Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh nach eil iad air dad ceàrr a dhèanamh a thaobh seo, agus gu bheil leithid de shiostam ag obair mar tha ann an Sealtainn.

"Tha fìor dheagh fhianais ann airson dreuchd shònraichte a bhith ann airson nan niùro-thinneasan air fad," thuirt iad.

"Tha ar co-obraichean aig NHS Shealtainn cuideachd air modal soirbheachail a leasachadh le aon nurs mun coinneimh uile.

"Bheir leithid de dhreuchd cothrom nas fheàrr air taic do dhaoine le grunn thinneasan eile, leithid Neuropathy, Muscle Dystrophy, Myasthenia Gravis, cinn goirt, Ataxia, Myelitis, agus tinneasan niùro-ghinideach, a thuilleadh air an Tinneas Tuiteamach, Multiple Sclerosis agus Parkinson's.

"Mar sin dheth, bheir am modal seo cùram co-ionnan don a h-uile duine aig a bheil feum air taic nursaidh niùro-eòlasach shònraichte".