
Tha carthannas a tha a' ruith thaighean-beaga pobalach ann an Ceann Loch Iù air Taobh Siar Rois ag ràdh gun deach na cosgaisean dealain aca airson na bliadhna an-àirde 433%.
Ghabh Community Out West smachd air na goireasan sa bhaile an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd an dùnadh mar phàirt de ghearraidhean buidseit nas fharsainge bho chionn còig bliadhna.
Fhuair iad fios Diluain gun tèid na cunntasan dealain bho £1,500 gu faisg air £8,000 sa bhliadhna.
Tha iad an crochadh air tabhartasan airgid airson na taighean-beaga a chumail fosgailte.
Chaidh iarraidh air a' chompanaidh cumhachd, EDF, beachd a thoirt seachad air an t-suidheachadh.
Mì-chinnt
Thuirt Karen Twist, aon de stiùirichean a' charthannais, gun d' fhuair iad post-d aig 13:28f Diluain bho EDF ag innse dhaibh mun àrdachadh ann an cosgaisean mar phàirt de chùmhnant 12 mìosan.
Thuirt i: "Bha dùil againn gun rachadh na cosgaisean cumhachd againn suas, ach chaidh innse dhuinn gum bi iad a' dol bho £1,500 gu £7,753 sa bhliadhna. 'S e buille mhòr a bha sin."
Thuirt a' Bhean-phòsta Twist gun deach innse dhaibh gum feumadh iad co-dhùnadh a dhèanamh air a' phrìs thuairmichte ro 16:00f, air neo gun tigeadh cosgais £250 a bharrachd orra.
Leis gur e buidheann carthannais a th' annta feumaidh iad beachd a h-uile buill air an urras a shireadh mus dèan iad co-dhùnadh sam bith agus cha b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh ron cheann-ama.
Thuirt a' Bhean-phòsta Twist nach eil gu leòr sna tiodhlaicean airgid a gheibh iad bhon phoball agus gum bi aca ri maoineachadh a bharrachd a lorg.
Thuirt i: "'S e adhbhar dragh mòr a tha seo dhuinn, chan eil fhios againn an tèid againn air na goireasan a chumail fosgailte."
Briseadh-dùil
Bidh luchd-turais a' cleachdadh nan taighean-beagan sa bheil cuideachd goireas airson faighinn cuidhteas den uisge cheimigeach shalach aig bhanaichean-campachaidh.
Tha muinntir na sgìre cuideachd a' cur feum air na goireasan nuair a thig iad chun a' bhaile.
Thuirt a' Bhean-phòsta Twist: "Bha dùil againn gun robh cùisean a' dol gu math leinn. Bha sinn air faighinn seachad air àm Covid agus tha mòran luchd-turais air tilleadh chun na sgìre, rud air a bheil sinn a' cur fàilte."
Thuirt i cuideachd gun robh an suidheachadh sa bheil Community Out West air toirt oirre agus air buill eile na buidhne smaoineachadh air na cosgaisean cumhachd a bharrachd a dh'fhaodadh a bhith aig buidhnean carthannais eile.