
Tha boireannach, 60, agus fireannach, 25, air bàsachadh às dèidh dha na càraichean aca bualadh na chèile air an A82 air Ghàidhealtachd.
Thachair an tubaist mu 7:35f Diardaoin faisg air Drochaid an Aonachain.
Thuirt na Poilis gur e Fiat Fiorino a bh' aig a' bhoireannach agus gun robh am fireannach a' dràibheadh BMW 3 Series.
Bhàsaich iad aig an làraich.
Bha an A82 eadar Drochaid an Aonachain agus an Gearasdan dùinte airson timcheall air ochd uairean de thìde fhad 's a chaidh rannsachadh a dhèanamh.
Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist no na carbadan ron tubaist, no aig a bheil clàraidhean dash-cam a dh'fhaodadh an cuideachadh.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' cuimhneachadh air teaghlaichean agus caraidean an dithis a bhàsaich.