
Coinnichidh Ceann a' Ghiùthsaich is Camanachd an Òbain Là na Sàbaid anns a' chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaigh.
Bidh an gèam aig Pàirce Mhossfield anns an Òban.
Thàinig muinntir Bhàideanaich am bàrr nuair a choinnich na sgiobannan mu dheireadh air an deireadh-sheachdain a dh'fhalbh anns an iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.
Chrìochnaich an gèam sin 4-1.
Ged a fhuair iad buaidh, fhuair iad beagan de bhuille cuideachd leis gun do ghoirtich James Falconer a ghlùin às dèidh dha pòla a bhualadh.
Caillidh Falconer, a tha tric a' cur nan tadhal, gèam na Sàbaid.
Bidh an cluicheadair-dìon, Scott MacGiolp, a' tilleadh do Chamanachd an Òbain.
Thèid an gèam a chraoladh an dà chuid air BBC ALBA agus air Radio nan Gàidheal Là na Sàbaid.
Tòisichidh am prògram rèidio aig 13:00 agus am prògram telebhisein aig 14:00.