"Islands Bond" ga leigeil seachad

Tha Riaghaltas na h-Alba air cur às de phlanaichean airson £50,000 a thoirt seachad do chuid de theaghlaichean airson fuireach agus gluasad chun nan eileanan.

Bha an sgeama "Islands Bond" ag amas air dèiligeadh ri crìonadh sluaigh.

Ach cha tèid na planaichean air adhart a-nis an dèidh do cho-chomhairle sealltainn nach robh taic ann dha leithid de sgeama am measg eileanach.

Seo Dòmhnall MacLaomainn.